— IDan clàr-taice: sònrachdan agus làimhseachadh fèin-ghluasadach
Tha e comasach ID clàr-taice falamh a chur a-steach, oir thathar a' meas gur e ID dligheach a tha seo. Coltach ri ID clàr-taice sam bith eile, feumaidh an ID clàr-taice falamh seo a bhith sònraichte.
Nì Kickshaw cinnteach nach nochd IDan clàr-taice ach aon turas, mar sin tha ID clàr-taice bunaiteach ùr a tha e a' moladh barantaichte a bhith sònraichte. Ma thathar a' roghnachadh, faodar fhàgail aig Kickshaw na h-IDan clàr-taice uile a chruthachadh gu fèin-ghluasadach. A bharrachd air seo, faodar an colbh ID clàr-taice a chumail am falach cuideachd. Tha seo a' buntainn cuideachd ris a' cholbh 'execute' mura h-eil feum air clàran-taice pìob.
— Slaod is leig às a' dol an aghaidh cealla so-dheasachaidh
Faodar slaod is leig às a dhèanamh air eileamaidean clàir-thaice le bhith a' taghadh eileamaid ann an suidheachadh sam bith agus a' tòiseachadh an slaodaidh às dèidh taghadh; ach, leis gu bheil cealla an t-seallaidh craoibhe uaireannan so-dheasachaidh, dh'fhaodadh e bhith ann an cuid de shuidhichidhean gun cuir cleachdaiche gun ghnothaich an gnìomh deasachadh na cealla. Is e dòigh shàbhailte airson seo a sheachnadh a bhith a' taghadh na cealla anns a' cholbh 'seòrsa' oir chan eil na cealla anns a' cholbh seo so-dheasachaidh a-riamh.
— Roghainnean
Tha grunn roghainnean ann a ghabhas suidheachadh bhon chlàr-taice na h-aplacaid:
1 a) Cruthaich lethbhreac-gléidhidh mus dèan tar-sgrìobhadh air faidhle a' chlàir-thaice (an comas mar bhun-roghainn)
1 b) Cleachd tabaichean airson eagachaidhean ann am faidhle clàir-taice sàbhailte (an comas mar bhun-roghainn)
Ma tha e à comas, thèid tagaichean XML a dh'eagachadh le ceithir spàsan gach ìre.
1 c) Cùm freumh-chlàir-thaice air leth ann am faidhle clàr-taice sàbhailte (an comas mar bhun-roghainn)
Ma tha e an comas, bidh an fhreumh-chlàr-taice a' gabhail a-steach dìreach ceanglaichean gu clàran-taice agus
bidh na clàran-taice fhèin air an liostadh os cionn an fhreumh-chlàir-thaice mar anns an eisimpleir a leanas:
Ma tha e à comas, bidh a h-uile càil pacaichte san fhreumh-chlàr-taice:
2 a) Seòrsaich roghainnean Execute/Startupnotify (à comas mar bhun-roghainn)
Bidh seo a' frithealadh gus òrdugh aon-chruthach de roghainnean a' chlàir-thaice fhaighinn.
Tha 'roghainnean Execute' a' toirt iomradh air roghainnean gnìomha 'Execute'
(gun a bhith air a mheasgachadh le roghainnean 'execute' a tha air a bhith o fheum).
Thathar a' dèanamh an eagrachaidh a rèir a' phàtrain a leanas:
<tt> - prompt</tt>
<tt> - command</tt>
<tt> - startupnotify</tt>
<tt>   - enabled</tt>
<tt>   - name</tt>
<tt>   - wmclass</tt>
<tt>   - icon</tt>
Nuair a tha an roghainn seo gnìomhach, chan urrainnear roghainnean ath-òrdachadh tuilleadh.
2 b) Cuir fios an-còmhnaidh mun atharrachadh roghainn 'Execute'. (an comas mar bhun-roghainn)
Tha roghainnean <tt>'execute'</tt> air a bhith o fheum.
Tha gnìomhan <tt>'Execute'</tt> fhathast dligheach.
Thathar a' tionndadh an fhir a chaidh ainmeachadh an toiseach gu fèin-ghluasadach gu roghainnean <tt>'command'</tt>.
Thèid teachdaireachd a shealltainn ma tha tionndadh air tachairt.
3 a) Cleachd sgeadachaidhean taobh a' chliant (à comas mar bhun-roghainn; feumaidh atharrachadh ath-thòiseachadh)
3 b) Seall putan a' chlàir-thaice an àite bàr clàir-thaice (an comas mar bhun-roghainn; feumaidh atharrachadh ath-thòiseachadh)
— Ath-ghoiridean a' mheur-chlàir ag obrachadh mar 'suidseachan'
Faodar an griod 'Lorg' a shealltainn is a chumail am falach leis an aon ath-ghoirid a' mheur-chlàir; tha an aon rud a' buntainn ri fosgladh agus dùnadh nan uinneagan 'Lorg agus atharrachadh' agus 'Gliocasan'.
<tt>Lorg:                           CTRL + F
Lorg agus atharrachadh:         CTRL + H
Gliocasan:                      F1</tt>
Faodar na h-uinneagan a dhùnadh cuideachd le bhith a' putadh na h-iuchrach escape.
— Cur à comas lorg eadar-ghnìomhach na-bhroinn
Tha an lorg eadar-ghnìomhach, a tha gnìomhaichte mar bhun-roghainn airson sheallaidhean craoibhe, air a chur à comas as leth na gleusdachd luirg a tha Kickshaw a' solarachadh. Chaidh seo a dhèanamh cuideachd air sgàth 's nach eil an lorg eadar-ghnìomhach ag obair mar bu chòir taobh a-staigh rèiteachadh Kickshaw.